Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mac-talla > ...Mairidh Gaol Is Ceol > Puirt-A-Beul
|
Puirt-A-Beul |
| Credits : | Traditional; arranged by Mac-talla |
|
a) Eadaraibh A Huinn O
b) Domhnall Dubh An Domhnallaich c) Nighean Rudh' Bhan d) Meal Do Bhrogan e) Ciamar A Ni Mi An Dannsa Direach |
|
| Appears On : | ...Mairidh Gaol Is Ceol |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Other Versions : |
b) "
Domhnall
" on Capercaillie's album The Blood Is Strong
" Puirt A Beul " on Capercaillie's album Crosswinds " Mor a'Cheannaich " on Ishbel MacAskill's album Essentially Ishbel " Mor a'Cheannaich " on Mouth Music's album Mouth Music " Puirt A Beul " on Rachel Walker's album Bràighe Loch Iall c) " Fosgail An Dorus " on Capercaillie's album Sidewaulk " Puirt A Beul " on Ishbel MacAskill's album Essentially Ishbel " Lia Fail " on Mackenzie's album Fama Clamosa d) " Strathspeys & Reels " on Cliar's album Gun Tàmh e) " Strathspeys & Reels " on Cliar's album Gun Tàmh " Bòg a'Lochain " on Mary Jane Lamond's album Suas E! " Sleepy Maggie " by Ashley MacIsaac on the Celtic Moods compilation |
| Lyrics : | English Translation : |
| Eadaraibh a huinn o | ___ |
| Poca sil an t-sealgair | ___ |
| Eadaraibh a huinn o | ___ |
| Poca sil an t-sealgair | ___ |
| Eadaraibh a huinn o | ___ |
| Poca sil an t-sealgair | ___ |
| Am poc a bh'air, an sac a bh'air | ___ |
| Am poc a bh'air 's e falbh leis | ___ |
| Am poc a bh'air, an sac a bh'air | ___ |
| Am poc a bh'air 's e falbh leis | ___ |
| Am poc a bh'air, an sac a bh'air | ___ |
| Am poc a bh'air 's e falbh leis | ___ |
| Am poc a bh'air, an sac a bh'air | ___ |
| Am poc a bh'air 's e falbh leis | ___ |
| Eadaraibh a huinn o | ___ |
| poca sil an t-sealgair | ___ |
| 'S iomadh rud tha dhìth orm | There are many things I would need |
| A dh'fheumainn fhìn mu'n dèanainn banais | Before I arranged a wedding |

| A dh'fheumainn fhìn mum pòsainn | Before I married |

| Ibhi abhi ubhi abhi | Ibhi abhi ubhi abhi |
| Sìn do làmh a Mhòr a' Cheannaich | __, Mor a' Cheannaich |

| Sìn do làmh a Mhòrag | __, Morag |

| Dòmhnall Dubh an Domhnallaich | Black-haired Donald |
| A-nochd an tòir air Mòr a' Cheannaich | Tonight is after Mor a' Cheannaich |
| Dòmhnall Dubh an Domnallaich | Black-haired Donald |
| A-nochd an tòir air Mòrag | Tonight is after Morag |

| Dh'aindeoin 's dè na chuala mi | Despite what I've heard |
| Cha toir mi fuath do Mhòr a' Cheannaich | I won't hate Mor a' Cheannaich |

| Cha toir mi fuath do Mhòraig | I won't hate Morag |

| Nighean rudh' bhan bh'aig Dòmhnall Ruadh Pìobair | The auburn-haired daughter of Red Donald the Piper |
| Rachadh i bhall nam faigheadh i fìdhleir | Would go to a ball if she could find a fiddler |

| Dhèanadh i sìth nam faigheadh i dram | Would be quiet if she could get a dram |

| Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i cìreadh | She would card wool, she would comb wool |

| Meal do bhrogan caith do bhrogan | Praise your shoes, wear your shoes |
| Meal do bhrogan dubh a Neill | Praise your black shoes, Neil |

| Nuair a rachadh i na siubhal | When she'd go in search of them |

| Aon suil, tha da shuil air mathair Neill duibhe | Neil's mother has one eye, two eyes |
| Da shuil air mathair Neill | Neil's mother has two eyes |

| Ciamar a ni mi an dannsa direach | How can I make a tidy dance |
| Ciamar a ni mi an ruidhle bòidheach | How can I dance a Bonny Reel |

| Dh'fhalbh a' phrìn' as bonn mo chòta | The pin went from the hem of my coat |

| Dh'fhalbh a' phrìn' a chuir air chlì mi | The pin went and that put me astray |

| Dh'fhalbh a' phrìne a chuir air chlì mi | The pin went and that put me astray |